Ionad Ùr-ghnàthachaidh Nuadh airson nan Saidheansan Beatha a’ fosgladh air Àrainn Inbhir Nis
Dh’fhosgail A h-Àirdeachd Rìoghail A’ Bhana-phrionnsa Rìoghail goireas ùr a chuireas taic ri fàs ann an roinn nan saidheansan beatha air feadh na h-Alba an-diugh (Dimàirt 18 Giblean).
Thà inig an t-Ionad Ùr-ghnà thachaidh Saidheansan Beatha luach £9.5m air Àrainn Inbhir Nis à co-obrachadh eadar Iomairt na Gà idhealtachd 's nan Eilean (HIE) agus Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean (Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½). Tha an leasachadh seo air taic-airgid fhaighinn bho Chùmhnant Baile-Roinne Inbhir Nis is na Gà idhealtachd agus Maoin Leasachaidh Roinneil na h-Eòrpa.
Chaidh A h-Àirdeachd Rìoghail A’ Bhana-phrionnsa Rìoghail, Seansalair Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½, air chuairt timcheall an ionaid ùir agus leig i ris plaig ann an cuirm-chomharrachaidh. Còmhla rithe bha còrr is 100 aoigh, nam measg an t-Àrd-Ollamh Sir Jonathan Van-Tam, a bha na Iar-Phrìomh Oifigear Meidigeach airson Sasainn agus a tha a-nis na Leas-Iar-Sheansalair aig Oilthigh Nottingham.
Tà laidh an t-ionad barrachd chompanaidhean saidheans beatha don sgìre agus brosnaichidh e co-obrachadh eadar luchd-rannsachaidh acadaimigeach, gnìomhachas agus earrainn na slà inte, agus e a’ toirt taic do chruthachadh bathar, phròiseasan agus sheirbheisean ùra gus cùram-slà inte a leasachadh. Agus e air a dhealbhadh le Austin-Smith:Lord agus air a thogail le Robertson Construction, tha e a’ tabhann à itichean obair-lainn agus oifis so-fhreagarrach agus a’ toirt cothrom air uidheamachd agus goireasan speisealaichte.
Tha an togalach mar phà irt de phròiseact nas fharsainge an co-bhoinn ri Ionad Leighis Nà iseanta SNS na Gà idhealtachd air Àrainn Inbhir Nis, a tha fosgailte do dh'euslaintich an t-seachdain seo. Bidh na trì buidhnean a’ fighe ri chèile rannsachadh acadaimigeach air cùram slà inte, lìbhrigeadh cùram clionaigeach do dh’euslaintich agus cruthachadh chothroman malairteach, bathar agus seirbheisean ùra ann an saidheans agus teicneòlas slà inte. Eatorra, tha dùil gum bi na leasachaidhean seo nam bunait do chòrr is 200 cosnadh.
Agus i a’ bruidhinn aig an tachartas fosglaidh, thuirt Vicki Nairn, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½: “Bha e na urram dhuinn an t-Ionad Ùr-ghnà thachaidh Saidheansan Beatha coitcheann nuadh againn fhosgladh an-diugh. Tha an tachartas seo a’ comharrachadh toiseach iomairt à rd-amasach eile còmhla ri HIE agus tùs linn ùr do na saidheansan beatha air feadh an raoin-obrachaidh againn. Ann an com-pà irteachas le HIE, bidh sinn ag obair gus an t-ionad ùr seo a stèidheachadh mar ghoireas a bhios cudromach aig an ìre eadar-nà iseanta. Neartaichidh e com-pà irteachasan le gnìomhachas agus le SNS gus teicneòlasan a chruthachadh aig am bi buaidh a bhios a chum leas agus a dh’fhaodadh atharrachadh a thoirt air beatha dhaoine sna coimhearsnachdan againn agus sa chomann-shòisealta san fharsaingeachd.
“Leis an ionad ùr bidh comas againn leudachadh a thoirt air an rannsachadh là ithreach againn ann an raointean leithid nano-theicneòlas meidigeach agus slà inte ghnìomhach agus bidh e na chuideachadh dhuinn gus an toir sinn barrachd taice fhathast do dh’earrainnean nan saidheansan beatha agus na slà inte. Is e tasgadh mòr a tha seo a tha ga chur san à m ri teachd agus thig buannachdan eaconamach na lùib do ar coimhearsnachdan tro ùr-ghnà thachadh, malairteachadh, cruthachadh chompanaidhean is obraichean agus le bhith a’ tà ladh agus a’ cumail tà lant.�
Thuirt Stiùbhart MacIlleDhuibh, Àrd-oifigear Gnìomha HIE: “Cuiridh Ionad Ùr-ghnà thachaidh nan Saidheansan Beatha taic ri iomairtean malairteach, a’ gabhail a-steach gnothachasan ùra a tha air tòiseachadh agus buidhnean a tha ag iarraidh là thaireachd a stèidheachadh sa Ghà idhealtachd is na h-Eileanan.
“Tha an dòigh-obrach com-pà irteachais agus an co-thaobhadh le Ionad Leighis Nà iseanta na Gà idhealtachd gu mòr a rèir feallsanachd cho-obrachail Àrainn Inbhir Nis. Sgaoilidh na buannachdan air feadh na sgìre agus bheir iad taic do fhàs leantainneach ann an earrainn nan saidheansan beatha. Cuidichidh seo uile a bhith a’ tà ladh agus a’ cumail tà lant don sgìre.
“Tha sinn air leth toilichte fosgladh oifigeil an togalaich fhaicinn agus fà ilte a chur air a’ chiad luchd-gabhail againn."
Thuirt Ministear Riaghaltas na RA Felicity Buchan: “Tha leudachadh Campas Inbhir Nis na bhrosnachadh mòr do roinn nan saidheansan beatha, a’ cuideachadh le bhith a’ tà ladh airgead-seilbhe don sgìre agus a’ cruthachadh obraichean ionadail air leth sgileil ann an rannsachadh agus teicneòlas.
“Tha fosgladh Ionad Ùr-ghnà thachaidh nan Saidheansan Beatha, air a phà irt-mhaoineachadh le £9 millean bho Riaghaltas na RA tro Chùmhnant Cathair-baile Inbhir Nis agus na Gà idhealtachd, a’ sealltainn na tha comasach nuair a thig sinn còmhla ri Riaghaltas na h-Alba, ùghdarrasan ionadail agus com-pà irtichean gus a lèirsinn cho-roinnte a lìbhrigeadh do dhaoine ann an Alba.
“Tha seo na phà irt de thasgadh mòr bho Riaghaltas na RA gus Alba à rdachadh agus eaconamaidh na h-Alba fhà s. Tha seo a’ toirt a-steach còrr air £1.5 billean airson Cùmhnantan Baile is Fà is ann an Alba agus na milleanan eile ann a bhith ag à rdachadh maoineachaidh gus coimhearsnachdan a chruth-atharrachadh ann an Inbhir Nis agus air feadh na RA.�
Thuirt Ministear Ùr-ghnà thachaidh Riaghaltas na h-Alba, Ridseard Lochhead: “Tha fosgladh an Ionaid Ùr-ghnà thachaidh Saidheansan Beatha ùr a’ riochdachadh leasachadh ùr inntinneach don phrìomh roinn seo de eaconamaidh na Gà idhealtachd agus nan Eilean. Tha e math £4.8 millean fhaicinn bho Iomairt na Gà idhealtachd 's nan Eilean a' toirt taic do phròiseact cho brosnachail, agus tha mi a' cur fà ilte air an spiorad co-obrachaidh eadar gach com-pà irtiche a tha an sàs ann a bhith a' ruighinn na h-ìre seo.
“Tha à ite an ionaid mar dhrà ibhear mòr airson fàs san raon seo san à m ri teachd gu sònraichte luachmhor, agus bheir an in-thasgadh agus na h-obraichean ùra a chruthaicheas e spionnadh mòr don eaconamaidh ionadail agus don choimhearsnachd.
“Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn an rannsachaidh, an ùr-ghnà thachaidh agus na cothroman a thig bhon ionad.�
Tha an t-Ionad Ùr-ghnà thachaidh Saidheansan Beatha nuadh air buannachd fhaighinn bho £4.96m de mhaoineachadh a chaidh a thoirt seachad le Prògram na h-Alba 2014-2020 Mhaoin Leasachaidh Roinneil na h-Eòrpa. Tha seo air a dhèanamh suas de £1.21m a thugadh do HIE agus £3.75m do Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½.
Fhuair prògram saidheansan beatha Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½, a’ gabhail a-steach eileamaid Ionad Ùr-ghnà thachaidh nan Saidheansan Beatha, £9m bho Riaghaltas na RA tro Chùmhnant Baile-Roinne Inbhir Nis agus na Gà idhealtachd, a tha fo stiùir Chomhairle na Gà idhealtachd. 'S e co-iomairt a th' anns a' Chùmhnant a tha a’ faotainn taic le suas ri £315m de thasgadh bho riaghaltasan na RA agus na h-Alba, Comhairle na Gà idhealtachd, Iomairt na Gà idhealtachd 's nan Eilean agus Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½, is a tha ag amas air fà s eaconamach sgìreil seasmhach a bhrosnachadh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Ionad Ùr-ghnà thachaidh nan Saidheansan Beatha, tadhlaibh air