Thèid £393 millean gu lèir a chur an seilbh air sgàth Aonta Fàs nan Eilean a chaidh aontachadh eadar Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan an Iar
Chuir Ministearan Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba agus Ceannardan Chomhairlean Arcaibh, Shealtainn agus na h-Eileanan an Iar an ainmean ri aonta an-diugh (20mh Faoilteach) gus £100 millean a chur an seilbh airson saidhbhreas nan trì ùghdarrasan eileanach san àm ri teachd.
Thathar an dùil gun tèid suas ri 1,300 cosnadh a chruthachadh agus £393 millean a chur an seilbh mar thoradh air an aonta cruth-atharrachail airson Fàs nan Eilean eadar Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Shealtainn agus Comhairle Arcaibh.
Thairis air deich bliadhna, cuiridh Aonta Fàs nan Eilean taic-airgid an seilbh ann an 16 pròiseactan is prògraman a bhios a’ faighinn buannachd à stòrasan nà darra air leth nan Eilean. Tha seo stèidhichte air na trì cuspairean ro-innleachdail a leanas: beag-charboin; a’ cur taic ri fàs eaconomach agus ghnìomhachasan san à m ri teachd; agus coimhearsnachdan seasmhach, soirbheachail, a’ crochadh air aonta chùisean gnìomhachais iomlan.
Air a cho-mhaoineachadh le suas ri £100 millean – £50 millean an urra bho Riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte – gheibh Aonta Fàs nan Eilean barrachd taic-airgid suas ri £293 millean mar mhaoineachadh co-ionann.
Tha na trì Comhairlean Eileanach air an Aonta a leasachadh, còmhla ri com-pà irtichean poblach, acadaimigeach, gnìomhachais, coimhearsnachd agus treas-phà rtaidh.
Thathar an dùil sa chiad bhliadhna den phrògram deich-bliadhna gun tèid taic-airgid a chur an seilbh thairis air na h-Eileanan, a’ gabhail a-steach à rainnean OGE ann an Sealtainn agus sna h-Eileanan an Iar, agus Ionad Cothromachadh Carboin nan Eilean, a bhios stèidhichte air Àrainn Rannsachaidh agus Ùr-ghnà thachaidh Arcaibh ann an Stromness.
A’ cur fà ilte air an naidheachd, thuirt Vicki Nairn, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair Eadar-amail aig Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½: “’S e clach-mhìle chudromach a tha seo do Phrògram Cùmhnant Fà s nan Eilean agus na choileanadh mòr dha na h-uile a tha an sà s ann. Tha dealas aig Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½ gum bi buaidh chruth-atharrachail againn air na tha san amharc don sgìre againn agus a bhith a’ toirt taic do ar coimhearsnachdan, seirbheisean poblach agus gnìomhachasan. Tha iomairtean mar seo a’ cur gu mòr ri à m ri teachd ar coimhearsnachdan.
“Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair le co-obraichean ann an Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Shealtainn agus Comhairle Eileanan Arcaibh, le ar prìomh luchd-ùidhe agus le Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½ Innse Gall, Colaiste Arcaibh Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½ agus Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½ Sealtainn gus taic a thoirt don chùmhnant agus pròiseactan cruth-atharrachail a ghluasad air adhart. Tha seo a’ gabhail a-steach leasachadh à rainn agus curraicealam, rannsachadh agus pròiseactan iomlaid eòlais a chuidicheas sinn gus foghlam agus rannsachadh à rd-inbhe a lìbhrigeadh, a bharrachd air tasgadh a tharraing a-steach agus taic a thoirt do chosnadh.â€�
Mhol Hannah Ritchie-Muir, Prionnsapal Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½ Innse Gall, coileanadh na clach-mhìle chudromaich seo airson Cùmhnant Fà s nan Eilean, ag rà dh: “Tha Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½ Innse Gall air a bhith na chom-pà irtiche là idir ann an leasachadh na lèirsinn agus nam beachdan pròiseict a thà inig gu bith. 'S ann mar thoradh air an oidhirp mhòr agus an obair chruaidh a rinn a h-uile com-pà irtiche tron ìre leasachaidh seo a tha sinn air an aonta fhoirmeil seo a choileanadh agus a shoidhnigeadh. Tha sinn a cheart cho dealasach mun ìre lìbhrigidh agus na pròiseactan fhaicinn a’ tighinn gu bith, mar bhuannachd don òigridh agus ar coimhearsnachdan. Tro chom-pà irteachas Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½ agus an aonadh san amharc againn le Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½ Gà idhealtachd a Tuath agus Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½ Gà idhealtachd an Iar, is urrainn dhuinn cothroman gun samhail agus sà r-mhathas ann an ionnsachadh, trèanadh agus taic a thabhann do gach oileanach, gnìomhachas agus coimhearsnachd dhùthchail.â€�
Thuirt Sìne Lewis, Prionnsapal Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½ Sealtainn: “Tha Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½ Sealtainn a’ coimhead air adhart ri togail air Cùmhnant Fà s nan Eilean airson an ama ri teachd do Shealtainn agus na h-eileanan, tro cho-obrachadh leantainneach le Riaghaltasan na h-Alba agus na RA, gnìomhachasan ionadail, an com-pà irteachas Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½ san fharsaingeachd, agus luchd-ùidhe eile. Tha aonta foirmeil agus soidhnigeadh-dheth an latha an-diugh na chomharradh air à m brosnachail dha na com-pà irtichean uile, agus do na coimhearsnachdan againn a gheibh buannachd à s na leasachaidhean a tha a’ dol air adhart. Tha na ceanglaichean a tha sinn air a chruthachadh le cumhachd ath-nuadhachail, sgilean uaine agus roinn an fhà nais a’ nochdadh gu bheil à m ri teachd beòthail aig Sealtainn. Airson Âé¶¹ÖÐÎÄÓ³»´«Ã½ Sealtainn tha sinn air bhioran mun tasgadh san roinn treas-ìre, gu h-à raidh ar planaichean ath-leasachaidh air an à rainn, a tha a’ comharrachadh Shealtainn mar cheann-uidhe beòthail airson a bhith ag ionnsachadh agus a’ fuireach.â€�
An dèidh soidhneadh an aonta ann an seòmar Comhairle Arcaibh, thuirt Calum Offord, Ministear na h-Alba Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte: “Chan e mhà in gun toir seo spionnadh do dh’eaconamaidhean ionadail agus gun cruthaich e cosnaidhean, bheir e comas cuideachd do choimhearsnachdan na buannachdan as fheà rr fhaighinn a-mach à stòrasan nà darra nan Eilean a tha a’ ciallachadh gu bheil iad nan à itean sònraichte airson a bhith a’ fuireach.
“Tha an t-aonta seo là n sreath farsaing de phròiseactan a bheireadh deagh bhuaidh air an eaconamaidh, a’ gabhail a-steach, mar eisimpleir, a bhith a’ stiùireadh an eadar-ghluasad gu cothromachadh carboin no a’ leasachadh à itean a tha air leth tarraingeach do luchd-tadhail mar Shlighe Hiort.
“Tha an taic-airgid de £50m a tha Riaghlatas na Rìoghachd Aonaichte a’ cur ri aonta nan Eilean, a bharrachd air airgead-seilbhe à rd-ìreachaidh eile, a’ sealltainn ar dealas gus taic a chur ris na h-Eileanan Albannach.�
Thuirt Ministear Gnìomhachais Riaghaltas na h-Alba, Ivan McKee: “’S e iomairt chruth-atharrachail a th’ anns an Aonta Fà is – a’ comasachadh fàs eaconamach seasmhach agus a’ lìbhrigeadh bun-structar puirt ùr a bhios cudromach gu h-eadar-nà iseanta, agus a bhios cudromach ann a bhith a’ coileanadh thargaidean cothromachadh carboin.
“Cuiridh taic-airgid £50 millean Riaghaltas na h-Alba taic ris an eadar-ghluasad gu lùth ath-nuadhachail – a’ gabhail a-steach lìbhrigeadh sgilean ùra don luchd-obrach – agus iomairtean gus eimiseanan a lùghdachadh fheuchainn sna h-Eileanan. Brosnaichidh e obair ùr-ghnà thach ann an roinnean cudromach mar fhà nas, biadh is deoch agus ghnìomhachasan cruthachail; cuidichidh e ann a bhith a’ leasachadh chinn-uidhe turasachd agus cultarach, agus a’ leudachadh air solar foghlaim.
“Tha sinn daingeann gum bi ar n-eileanan nan à itean tarraingeach airson a bhith a’ fuireach is ag obair, agus gun urrainn dhaibh taic a chur ri cruth-atharrachadh eaonamach is seasmhach na h-Alba cho math ’s as urrainn.�
Thuirt Comhairliche Seumas Stockan, Ceannard Comhairle Arcaibh: “Tha soidhneadh na sgrìobhainne cudromaiche seo an-diugh ann an Arcaibh mar chlach-mhìle eile air ar turas ri chèile agus nar lèirsinn airson ar n-eileanan airson an à m ri teachd.
“Tha sinn air a bhith ag obair gu soirbheachail le chèile gus an t-aonta fà is aontachadh leis ar riaghaltasan ann an Lunnainn agus Dùn Èideann gus am bi à m ri teachd nas fheà rr againn uile. Chan e mhà in gu bheil an t-aonta ag aithneachadh gu bheil dùbhlain air leth againn sna h-Eileanan, ach gu bheil neartan againn cuideachd nar stòrasan nà darra agus sna cothroman a tha sinn a’ tabhann.�
Thuirt Pòl Steele, Ceannard Comhairle nan Eilean Siar: “Tha soidhneadh Aonta Fàs nan Eilean an dà chuid mar lèirsinn a chaidh a chur air bhonn tro cho-obrachadh eadar Comhairlean nan Eilean agus Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba, agus mar thoiseach lìbhrigeadh na lèirsinne sin.
’S e clach-mhìle a th’ ann a bhith a’ coileanadh ar n-amasan gus 1,300 cosnadh a chruthachadh agus £393m de dh’airgead a chur an seilbhe thairis air deich bhliadhna tron Aonta nan Eilean, a’ cleachdadh ghoireasan nan Eilean agus a’ faighinn buannachd às na stòrasan nà darra againn, agus as cudromaiche buileach, às na daoine a tha a’ fuireach sna h-Eileanan.�
Thuirt Emma NicDhòmhnaill, Ceannard Comhairle Shealtainn: “Tha pròiseactan san Aonta a thèid a choileanadh a-mhà in air eileanan sònraichte, le prìomhachas air cothroman agus prìomhachasan ionadail, a bharrachd air an fheadhainn a thèid an coileanadh tro obair chom-pà irteachaidh gus saidhbhreas eaconamach airson ar n-eileanan gu lèir a thoirt gu buil. Cha b’ urrainnear na pròiseactan air leth cudromach seo a tha a’ cur taic ri seasmhachd nan Eilean a leasachadh gun taic agus airgead-seilbhe Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba.
“Tha sinn air a bhith a’ leasachadh ar com-pà irteachas fhad ’s a tha sinn air a bhith a’ leasachadh an Aonta, agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ faicinn mar a bhios e a’ leasachadh sna deich bliadhna a tha romhainn.�
Thèid na milleanan de dh’airgead-seilbhe a chosg air na pròiseactan a leanas.
A’ stiùireadh na slighe gu à m beag-charboin ri teachd
- Ionad nan Eilean airson Cothromachadh Carboin
- Co-ionad Connaidh Scapa Flow
- Co-ionad Lùtha nan Eilean Siar
- Pròiseact lùtha Ghlain Shealtainn
- Cidhe Ro-Dhomhain Dales Voe
A’ cur taic ri fàs agus gnìomhachasan san à m ri teachd
- Soirbheas nan Eilean Cruthachail
- Leasachadh Ceann-uidhe nan Eilean Siar
- Slighe Dualchais Arcaibh
- Tuathanas Dìreach Arcaibh
- Shell-volution
- Prògram Biadh is Deoch nan Eilean Siar
- Port-fà nais 1
Coimhearsnachdan Soirbheachail Seasmhach
- Eileanan TalEntEd
- Àrainn Rannsachaidh agus Ùr-ghnà thachaidh Arcaibh
- Ath-leasachadh Àrainn Shealtainn
- Ath-leasachadh Àrainn nan Eilean Siar
- Ath-leasachadh Knab